'S e aplaid-làraich a th' ann am Fosgladh an Tobair far a bheil saor-thoilich a' tar-sgrìobhadh chlàraidhean beul-aithris sa Ghàidhlig. Le chèile, tha sinn a' togail corpas de chainnt thar-sgrìobhte a bheir beairteas do dhualchas na h-Alba, a neartaicheas rannsachadh is faclaireachd, agus a leasaicheas teicneòlas aithneachaidh labhairt sa Ghàidhlig.
Tha Fosgladh an Tobair a' togail air iomairt shoirbheachail ÈIST ('Ecosystem for Interactive Speech Technology') le bhith ag adhartachadh aithneachadh labhairt fèin-ghluasadach na Gàidhlig (ALF) agus a' leudachadh corpas a' chànain agus dàta do dh'ionnsachadh innealta. Le bhith a’ stèidheachadh aplaid sluaigh taobh a-staigh eag-shiostam Thobar an Dualchais (TAD), leigidh am pròiseact le luchd-labhairt na Gàidhlig tabhartasan tar-sgrìobhaidh air sgèile mhòr – goireasan a neartaicheas ionnsachadh agus so-ruigsinneachd do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig cho math ri luchd-labhairt na Gàidhlig le cion claisneachd.
Air a bhrosnachadh le modal Meitheal Dúchas.ie na h-Èireann, tha an aplaid a' toirt cumhachd do choimhearsnachd labhairt na Gàidhlig gus beul-aithris Gàidhlig a thar-sgrìobhadh le taic bho aithneachadh labhairt. Bheir an corpas a thig às beairteas do dhualchas na h-Alba, neartaichidh e rannsachadh is faclaireachd na Gàidhlig agus leasaichidh e puingealachd ASR.
Tha Fosgladh an Tobair na phàirt de phròiseact rannsachaidh ÈIST, a tha air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.