Stiùireadh do thar‑sgrìobhadairean

'S e làrach-lìn a th' ann am Fosgladh an Tobair far am bi saor-thoilich a' tar-sgrìobhadh chlàraidhean ann an Gàidhlig na h-Alba. Airson a bhith nad shaor-thoileach tar-sgrìobhaidh feumaidh tu clàradh an toiseach. Aon uair 's gu bheil thu air clàradh feumaidh tu logadh a-steach le do sheòladh puist-d 's am facal-faire agad. An uair sin faodaidh tu tòiseachadh air tar-sgrìobhadh

A' taghadh na a thar-sgrìobhas tu

Àn dèidh dhut logadh a-steach, thalla gu taba Deiseal airson a thar-sgrìobhaidh air duilleag-dhachaigh na làraich. Tha an taba seo a' liostadh nan clàraidhean as urrainn dhut taghadh. Chì thu gu bheil na clàraidhean air an rangachadh a rèir duilgheadas, bho Soirbh gu Riaslach.

Tha taba air an duilleig-dhachaigh a' liostadh chlàraidhean a tha rim faighinn airson tar-sgrìobhaidh

Bheir am putan Fosgail ri taobh gach clàraidh gu duilleag far am faod thu a bhith ag èisteachd ris. Aon uair 's gun lorg thu clàradh air am bu mhiann leat obrachadh, put air a' phutan Tòisich air tar-sgrìobhadh.

Clàr a tha ri fhaighinn airson a thar-sgrìobhadh

Bhon uair sin, bidh an clàradh agad fhèin a-mhàin agus is tu an aon neach a dh'obraicheas air. Faodaidh tu gabhail air do shocair gus an tar-sgrìobhadh a choileanadh; chan fheum thu a dhèanamh bho cheann gu ceann aig aon àm. Ge brith cuin a thilleas tu gu duilleag-dhachaigh Fosgladh an Tobair, chì thu na tar-sgrìobhaidhean neo-chrìochnaichte agad fon taba Ur tabhartasan, agus faodaidh tu leantainn ort far an do stad thu roimhe.

Tha taba air an duilleig-dhachaigh a' liostadh chlàraidhean air a bheil thu ag obair aig an àm

Mar a nì thu tar-sgrìobhadh

'S e tha ann an 'tar-sgrìobhadh' ach èisteachd ris na chanar an ann clàradh fuaim agus a sgrìobhadh sìos - anns a' bhogsa teacsa mhòr gheal. 'S e an dòigh as fheàrr airson sin a dhèanamh ach mean air mhean: bidh thu ag èisteachd airson beagan diogan, a' stad na cluiche, a' sgrìobhadh sìos na chuala tu, agus an uair sin a' leantainn ort fad beagan diogan eile - agus mar sin air adhart. Seo mar as urrainn dhut tòiseachadh:

  1. Cuir an cùrsair sa bhogsa theacsa gheal.
  2. Brùth Ctrl + Spàs gus a' chluich a thòiseachadh agus èist ri beagan fhaclan.
  3. Nuair a chluinneas tu gu leòr, brùth Ctrl + Spàs a-rithist gus a' chluich a stad.
  4. Sgrìobh sìos na chuala tu.
  5. Brùth Ctrl + M gus stampa‑tìde a chur a-staidh.
  6. Tòisich a-rithist bho cheum 2.
Clàr a tha tar-sgrìobhte gu ìre

Dè as adhbhar dha na stampan‑tìde?

Faodaidh tu stampa‑tìde a chur a-staidh cho tric no cho ainneamh 's a thogras tu. 'S ann a tha iad dha do chuideachadh gus na tha thu a' cluinntinn a chur a-rèir na tha thu a' sgrìobhadh 's a' leughadh.

Ma tha thu airson èisteachd a-rithist ri rudeigin tha thu dìreach an dèis a chluinnteil, dìreach brùth Ctrl + Spàs gus a' chluich a stad agus an uair sin Ctrl + Spàs gus a tòiseachadh a-rithist. Thèid a' chluich bhon stama-tìde as fhaisge air taobh chlì a' chùrsair. Mar seo, faodaidh tu èisteachd ris an aon earrainn a-rithist 's a-rithist dìreach le bhith a' brùthadh Ctrl + Spàs gu cunbhalach.

Rè na cluiche, chì thu gu bheil an earrann a tha ga cluich an-dràsta air a soillseachadh san teacsa thar-sgrìobhte, agus gluaisidh an soillseachadh bho earrainn gu h-earrann mar a bhios an a' chluich a' dol air adhart – coltach ri karaoke, cha mhòr!

Tha an earrann a tha ga cluich an-dràsta air a soillseachadh san tar-sgrìobhadh

Facal mu litreachadh is puingeachadh

Tha dà adhbhar aig na tar-sgrìobhaidhean agad. Air aon làimh, cuidichidh iad daoine gus na clàraidhean air prìomh làrach Tobar an Dualchais a thuigsinn 's a mhealtainn. Air an làimh eile, thèid an cleachdadh gus teicneòlas cànain Gàidhlig a thrèanadh, leithid aithneachadh labhairte fèin-ghluasadach. Air sgàth seo, tha e cudromach faclan nan luchd-labhairt a thar-sgrìobhadh dìreach mar a chluinneas tu iad, gun mhearachdan gràmair a cheartachadh agus gun fhaclan dualchainnteach a "àbhaisteachadh".

Tha sinn a' tuigsinn gu bheil seo uaireannan nas fhasa ri a ràdh na ri a dhèanamh. Mar sin, tha sinn air stiùireadh-stoidhle mionaideach a chur ri chèile a dh'fhaodas tu rannsachadh nuair a bhios teagamh ort: Leabhar-làimhe Tar-sgrìobhaidh ÈIST.

San fharsaingeachd, 's e deagh bheachd a th' ann gun a bhith a' gabhail cus dragh mu na puingean as mionaidiche a thaobh litreachadh is puingeachadh. Thèid a h-uile tar-sgrìobhadh le saor-thoilich dhe do leithid-sa a sgrùdadh agus, ma bhios feum ann, a cheartachadh le tàr-sgrìobhairean proifeiseanta. 'S e an obair a th' agad-sa ach a bhith a' sgìobhadh sìos na tha thu a' creidsinn a thu a' cluinntinn.

A' faighinn cuideachaidh bho aithneachadh cainnte fèin-ghluasadach

'S e teicneòlas a th' ann an Aithneachadh Labhairte Fèin-ghluasadach (ALF) a dh'fhaodas do chuideachadh gus taipeadh nas luaithe le bhith a' toirt mholaidhean dhut. Gus an fheart seo a chur air, cuir cromag ris an roghainn Seall molaidhean aig bonn a' bhogsa-theacsa ghil.

Nuair a bhios an ALF air, chì thu molaidhean a' nochdadh, facal air fhacal, mar a bhios a' chluich a' dol air adhart. Thathar a' sealltainn nam molaidhean ann an dath glas aotrom. Bidh na molaidhean ceart uaireannan agus ceàrr uaireannan: 's e beachd a th' annta air na tha an t-inneal a' "smaoineachadh" a tha e a' cluinntinn.

Tar-sgrìobhadh leth-dhèanta agus molaidhean ALF gan taisbeanadh aig a' deireadh

Ma tha coltas an ìre mhath ceart air a' mholadh, faodaidh tu gabhail ris le bhith a' brùthadh Tab. Stadaidh seo a' chluich agus cuiridh e a-staigh stampa-tìde. Faodaidh tu a-nist a dhol air ais agus an earrann a dheasachadh – no eadhon a sgrìobhadh thairis air gu tur – mus lean thu ort.

Tha e cudromach gun a bhith a' cur cus earbsa anns na molaidhean ALF. Mura bheil thu cinnteach dè tha thu a' cluinntinn, na gabh dìreach ris na na molaidhean ALF. Bidh clàradh a tha duilich dhut-sa gu cinnteach fiù 's nas duilghe dhan inneal, agus tha na molaidhean nas dualtaiche a bhith ceàrr. 'S e an riaghailt-òrdaig: cleachd ASR gus ùine thaipeadh a shàbhaladh dhut, chan ann gus na tha thu a' cluinnteil a thuigsinn.

A' sàbhaladh agus a' crìochnachadh do chuid obrach

Tha e cudromach an tar-sgrìobhadh agad a ghlèidheadh bho àm gu àm le bhith a' briogadh air a' phutan mhòr Sàbhail aig bonn deas na sgrìn. Tha seo coltach ri bhith a' glèidheadh stuth air a' choimpiutair agad: caillidh tu d' obair mura dèan thu.

Tha am putan Glèidh anns an oisean aig bonn deas na sgrìn

Cuimhnich nuair bhios clàradh air a cheangail riut nach eil duine sam bith eile comasach air obrachadh air. Ma bhios tu airson sgur dhe d' obrachadh air clàradh airson adhbhar sam bith, bu chòir dhut a thoirt air ais dhan na clàraidhean a tha rim fhaighinn, le bhith a' taghadh Leig romhad an tar-sgrìobhadh bhon chlàr-taice a thig am bàrr aig mullach na sgrìn.

Clàr-taice a' sealltainn na roghainn airson clàradh a leigeil seachad

Nuair a bhios an tar-sgrìobhadh agad deiseil, dìreach tagh an roghainn Crìochnaichte os cionn a' phutain Glèidh, agus briog air a' phutan Glèidh. Atharraichidh inbhe an tar-sgrìobhaidh agad a-nis gu feitheamh ri aontachadh. Tha seo a' ciallachadh gun dèan cuideigin bhon sgioba lèirmheas a dh'aithghearr air an tar-sgrìobhadh agad, ceartachaidhean a nì feum a dhèanamh agus mu dheireadh aontachadh ris. Aon uair 's gun dèanar sin, atharraichidh an inbhe gu aonta agus, bhon mhionaid seo, bidh an tar-sgrìobhadh agad ri fhaighinn gu poblach.