Na feumalachdan teicnigeach as ìsle

Chaidh Fosgladh an Tobair a thogail le teicneòlasan lìn àbhaisteach (HTML, CSS agus JavaScript) agus bu chòir dha obrachadh le dreach reusanta ùr sam bith de bhrobhsair a leithid Mozilla Firefox, Google Chrome, Microsoft Edge agus Apple Safari.

Nuair a bhios tu ag obair mar neach-sgrìobhaidh saor-thoileach air Fosgladh an Tobair, bidh thu a' cleachdadh eadar-aghaidh ('interface') lìn car toinnte a tha an urra gu mòr air JavaScript agus frithean-rathaid meur-chlàir. Gus an obraich an eadar-aghaidh seo, cha bu chòir JavaScript a bhith air a chur dheth sa bhrobhsair agad agus cha bu chòir frithean-rathaid meur-chlàir a bhith gam bacadh.

Chaidh an eadar-aghaidh tar-sgrìobhaidh a dhealbhadh le coimpiutairean àbhaisteach is laptops san amharc, far a bheil scrion farsaing agus meur-chlàr rim faighinn. Chan eilear a’ moladh Fosgladh an Tobair a chleachdadh air scrionaichean cumhang agus air innealan gun mheur-chlàr, a leithid fhònaichean-làimhe.