Aithris mu phrìobhaideachd

Chan bhi Fosgladh an Tobair a' cruinneachadh fiosrachadh pearsanta sam bith a tha fo reachdas dìon dàta na RA, ach a-mhàin seòlaidhean puist-d nan tar-sgrìobhairean saor-thoileach.

A bharrachd air do sheòladh puist-d, tha Fosgladh an Tobair cuideachd ag iarraidh d' ainm-taisbeanaidh nuair a bhios tu a' clàradh mar tar-sgrìobhadair. Chan fheum seo a bhith nad ainm ceart; faodaidh e a bhith na fhar-ainm a chruthaich thu, agus faodaidh tu atharrachadh uair sam bith air duilleag A' phròifil agad.

Mar a chleachdas sinn do sheòladh puist-d

Bidh do sheòladh puist-d ga chleachdadh mar d' ainm-cleachdaidh nuair a bhios tu a' logadh a-staigh, còmhla ri d' fhacal-faire.

Ma dhìochuimhnicheas tu d' fhacal-faire agus ma dh'iarras tu ath-shuidheachadh facail-fhaire, dearbhaidh Fosgladh an Tobair gur tusa a th' ann le bhith a' cur teachdaireachd gu do sheòladh puist-d.

Cha chleachd Fosgladh an Tobair do sheòladh puist-d gu bràth airson adhbhar sam bith eile agus cha toir e do sheòladh puist-d do threas pàrtaidh idir.

A' dubhadh às d' fhiosrachaidh pearsanta bho Fhosgladh an Tobair

Ma bhios tu airson do sheòladh puist-d a thoirt à clàran Fhosgladh an Tobair, feumaidh tu do chunntas a sguabadh às. Tha roghainn ann airson sin a dhèanamh air duilleag A' phròifil agad.

Nuair a sguabas tu às do chunntas, thèid do sheòladh puist-d a thoirt air falbh à clàran Fhosgladh an Tobair bhon àm sin a-mach. Chan urrainn an gnìomh seo fhuasgladh. Thèid iomradh airson tar-sgrìobhaidhean sam bith a rinn thu chun a sin a thoirt do "neach-cuideachaidh gun urra".