Aithris so-ruigsinneachd

Tha Fosgladh an Tobair air a chruthachadh gus a bhith so-ruigsinneach do raon farsaing de luchd-cleachdaidh, a' gabhail a-staidh daoine le ciorraman gluasaid agus mothachaidh. Tha Fosgladh an Tobair a' cumail ri inbhe AA Stiùiridhean So-ruigsinneachd Susbaint-lìn (WCAG) 2.2 aig a' World Wide Web Consortium.

'S e an aon àite ann am Fosgladh an Tobair nach eil a' cumail ri seo far a bheil saor-thoilich a' tar-sgrìobhadh chlàraidhean. Cha ghabh e seachnadh gu bheil gun èist luchd-cleachdaidh agus gun leugh/sgrìobh iad aig an aon àm gus tar-sgrìobhadh a dhèanamh. Air sgàth seo, cha bhi am pàirt seo de dh'Fhosgladh an Tobair furasta a chleachdadh do dhaoine le ciorraman èisteachd no lèirsinn.